You are in > Home > SAC Rural Policy Centre > News & Events > Rural Policy Centre News > Tha Fearann Coimhearsnachd a’ Cur ri Soirbheachadh Alba Dhùthchail, A Rèir Rannsachadh CAA
Tha Fearann Coimhearsnachd a’ Cur ri Soirbheachadh Alba Dhùthchail, A Rèir Rannsachadh CAA
SAC News Release Ref. No: 11N80
Published: 30 Jun 2011
Mangersta, Lewis (opens in new window)
Tha fearann fo shealbh na coimhearsnachd (FSC) a’ cur ri oidhirpean gus sgìrean dùthchail na h-Alba a neartachadh, a rèir rannsachaidh ùir bho CAA (Colaiste Àiteachas na h-Alba). Ri linn an rannsachaidh ùir seo tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a’ bhuidheann ballrachd airson uachdarain coimhearsnachd, a’ cur air adhart ìmpidh às ùr gum bu chòir agus gun gabh FSC a leudachadh thar chrìochan nan sgìrean croitearachd air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, far as trice a gheibhear e an-dràsta, gu coimhearsnachdan eile.
An lùib an rannsachaidh thadhail Sgioba Rannsachaidh CAA air gach fear de na 17 Urrasan Fearann Coimhearsnachd ann an Alba – am fear as motha agus am fear as lugha, am fear as sine agus am fear as ùire, agus ceithir a tha ri oidhirp am fearann aca a cheannach. Bha caochladh àireamh-sluaigh ann, bho 23 gu 11,000 duine. Còmhla tha faisg air leth mhillean acair de dh’fhearann aca. Fhuaras maoineachadh airson am fearann a cheannach bho Mhaoin Fearann na h-Alba (2001-2006), An Crannchur Mòr (A’ Leudachadh Stòras na Coimhearsnachd 2006-10, 2010-2015), agus bho thabhartasan sònraichte a fhuair coimhearsnachdan.
Seo a’ chiad phàirt de sgrùdadh rannsachaidh fo trì cinn, anns am bi CAA a’ coimhead air cho buadhach agus a tha diofar mhodhan-leasachaidh ann an coimhearsnachdan dùthchail. Fon dàrna ceann bithear a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig uachdarain phrìobhaideach, agus fon treas ceann bithear a’ rannsachadh urrasan leasachaidh a gheibh taic dhìreach bhon roinn phoblaich.
A rèir ùghdair an rannsachaidh, Dr Sarah Skerratt aig CAA, tha FSC a’ cur ri àrdachadh an t-sluaigh ann an Alba Dhùthchail seach gu bheil e a’ ciallachadh nach fheum daoine a tha a’ fuireach sna sgìrean iomallach gluasad air falbh, agus seach gu bheil e a’ tarraing dhaoine ùra chun nan sgìrean sin. Tha seo air sgàth ’s gu bheil sealbh a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan obraichean ùra a chruthachadh gu h-ionadail agus sruthan ionmhais ùra a stèidheachadh tro bhith a’ cruthachadh ghnìomhachasan ùra, a’ togail thaighean aig prìs reusanta, a’ cur ri àireamhan sna sgoiltean dùthchail agus a’ leasachadh a’ bhun-structair a thaobh nithean mar rathaidean is dealain.
A rèir rannsachadh CAA, bha cho mòr ’s a bha na dùbhlain ro choimhearsnachdan le FSC an crochadh air dè cho mòr agus a bha a’ choimhearsnachd agus dè an ìre aig an robh iad le bhith a’ ceannach an fhearainn. Thugadh iomradh air cho cudromach agus a bha conaltradh ceart eadar bòrd nan Urrasan agus a’ choimhearsnachd, agus gun tigear gu co-dhùnaidhean ann an dòigh shoilleir is fhollaiseach. Tha an rannsachadh a’ co-dhùnadh, ge-tà, gu bheil coimhearsnachdan san fharsaingeachd a’ lorg fhuasglaidhean air na dùbhlain iad fhèin, agus cuideachd tro bhith a’ sireadh taic is trèanadh bho dhaoine eile.
Thuirt Dr Skerratt, a rinn an rannsachadh: “Tha e follaiseach le fearann coimhearsnachd gur e sin aon dòigh shoilleir sgìrean dùthchail nas làidire a chruthachadh ann an Alba. Ged nach eil ’s dòcha a h-uile sgil is comas aig na coimhearsnachdan a dh’fheumas iad airson am fearann a cheannach is a leasachadh, tha iad a’ faighinn seachad air na dùbhlain sin le bhith a’ toirt a-steach trèanadh, stiùireadh is taic gus cur ris na tha aca gu h-ionadail.”
Ri linn an rannsachaidh aig CAA, tha Dàibhidh Camshron, Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, ag iarraidh gun coimhead barrachd choimhearsnachdan air FSC mar chothrom a dh’fhaodadh iad fhèin a ghabhail. Thuirt e: “Tha CAA air rannsachadh cho farsaing ’s a chunnacas fhathast a dhèanamh a tha a’ toirt dhuinn dearbhadh neo-eisimeileach gu bheil fearann coimhearsnachd ag obair ann an Alba.
“A rèir na fianaise a chithear san aithisg, tha mi air mo mhisneachadh gum piobraich e coimhearsnachdan eile gu bhith a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodadh iad fhèin a bhith a’ gabhail sealbh air fearann. Chan eil seo dìreach a’ bualadh air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan – tha mi den bheachd nach eil cnap-starra sam bith a chuireadh stad air coimhearsnachdan air feadh Alba an cothrom seo a ghabhail ma tha iad deònach.
“Tha sinn an dòchas gun tèid toraidhean an rannsachaidh a sgaoileadh air feadh gach ìre den riaghaltas agus am measg bhuidhnean a tha ri oidhirpean gus barrachd cumhachd is ùghdarrais a thoirt do choimhearsnachdan. Tha fhios gum bi na co-dhùnaidhean gam brosnachadh a bhith a’ cur ri àm air leth dòchasach do dh’uachdranachd coimhearsnachd.”
Tha Dr Skerratt a’ cur nar cuimhne gun do gheall Riaghaltas na h-Alba gun toirear sùil às ùr air Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003, a tha a’ toirt na còrach do choimhearsnachdan am fearann aca a cheannach, agus gun deigheadh Maoin Fearann na h-Alba a stèidheachadh às ùr a bheir comas ionmhasail dhaibh sin a dhèanamh. Tha i den bheachd gun cuir an dà ghealladh seo ri soirbheachadh FSC.
Thuirt i: “Tha e na amas do Riaghaltas na h-Alba coimhearsnachdan seasmhach a stèidheachadh agus tha an rannsachadh againn a’ sealltainn gu bheil fearann coimhearsnachd a’ cur ri sin. Seach gu bheil Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2003 agus Maoin Fearann na h-Alba cudromach a thaobh mar a leudaichear FSC san àm ri teachd, bidh mar a roghnaicheas an riaghaltas na nithean sin a thoirt air adhart air leth deatamach.”
Gheibhear lethbhreac slàn de dh'aithisg an rannsachaidh, ‘Fearann fo shealbh na coimhearsnachd agus coimhearsnachdan seasmhach’, aig: http://www.sac.ac.uk/ruralpolicycentre/rpchottopics/
Airson tuilleadh fiosrachaidh, dealbhan no agallamh leis na h-Urrasan Fearann Coimhearsnachd a bha an sàs san rannsachadh, cuiribh fios gu Jane Smernicki air 0131 535 4331 (07979 245 943) no chun an Dr Sarah Skerratt air 0131 535 4335 (07768 428454).
Comments
blog comments powered by DisqusNews Release Contacts
SAC Contact
Dr Sarah SkerrattSenior Researcher
SAC (Scottish Agricultural College) Work SAC, King's Buildings, West Mains Road,
Edinburgh
EH9 3JG
TelWork 0131 535 4335
Send Email
News Release Issued By
Ms Jane SmernickiHead of Communications
SAC (Scottish Agricultural College) Work SAC, West Mains Road,
Edinburgh
EH9 3JG
TelWork 0131 535 4331
Send Email

